Home / Series / Sruth / Aired Order /

All Seasons

Season 1 - Sruth

  • S01E01 Episode 1

    • February 25, 2021
    • BBC ALBA

    Sreath ùr a tha a’ toirt sùil air an dlùth dhàimh eadar Ceòl na h-Alba agus ceòl na h-Èireann. Anns a’ chiad prògram chì sinn an sàr neach-ciùil Innes White a’ cluich le Ríoghnach Connolly agus Donnchadh Siosalach a’ coinneachadh ri Méabh Smyth airson puirt a chluich.

  • S01E02 Episode 2

    • March 4, 2021
    • BBC ALBA

    Sreath ciùil ùr a bhios a’ sgrùdadh na bannan domhain a tha eadar ceòl na h-Alba agus ceòl na h-Èireann. Anns gach prògram gheibh luchd-ciùil òga cothrom coinneachadh ri na gaisgich chiùil aca. San dàrna prògram bidh Pàdruig Moireasdan, à Griomasaigh anns na h-Eileanan Siar a’ cur an cèill mar a tha an stoidhle cluiche aige a’ tighinn fo bhuaidh an àraich a fhuair e. A bharrachd air a bhith a’ cluich còmhla ri luchd-ciùil dhe leithid fhèin ann an Griomasaigh, bidh Pàdruig a’ cluich còmhla ri Bríd Harper, neach-ciùil à Tìr Chonaill agus tè dhe na fìdhlearan Èireannach as fheàrr den ginealach aice. Dh’fhàs Megan Nic Fhionnghaile à Gaoth Dobhair suas air a cuartachadh le ceòl traidiseanta agus òrain na sgìre, agus mar fhìdhleir tha i air iomadh duais a chosnadh. Bidh Megan ag innse mu a beatha ann an ceòl, agus i air a dòigh glan gu bheil aon de na gaisgich chiùil aice, Phil Coineagan, a’ siubhal gu Beul Feirste gus cluich còmhla rithe.

  • S01E03 Episode 3

    • March 11, 2021
    • BBC ALBA

    Sreath ciùil ùr, Sruth, air aithris le Angela NicEachain agus a’ taisbeanadh an tàlant as fheàrr ’s as ùire ann an Èirinn agus Alba. Buinidh an seinneadair Niall Hanna do Chontae Thìr Eoghain. Thug a sheanair, Geordie Hanna, agus a phiuthar, Sarah Ann O’Neill, seinneadair traidiseanta ainmeil, buaidh air an t-seinn aig Niall. Bhuannaich Brìghde Chaimbeul à Alba Duais BBC Rèidio 2 Horizon Award ann an 2019, agus Duais BBC Rèidio 2 Tuath-cheòladair Òg na Bliadhna ann an 2016. Tha freumhan a ciùil ann an cànan is cultar na Gàidhlig, agus tha I air cliù a chosnadh ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal. Còmhla ris an tàlant ùr bho dhà thaobh Sruth na Maoile, bidh na h-aoighean ciùil, Julie Fowlis, Tiarnán Ó Duinnchinn, Caitlin NicAonghais, Len Graham agus an Dr. Aonghas Dòmhnallach.