Sreath ciùil ùr a bhios a’ sgrùdadh na bannan domhain a tha eadar ceòl na h-Alba agus ceòl na h-Èireann. Anns gach prògram gheibh luchd-ciùil òga cothrom coinneachadh ri na gaisgich chiùil aca. San dàrna prògram bidh Pàdruig Moireasdan, à Griomasaigh anns na h-Eileanan Siar a’ cur an cèill mar a tha an stoidhle cluiche aige a’ tighinn fo bhuaidh an àraich a fhuair e. A bharrachd air a bhith a’ cluich còmhla ri luchd-ciùil dhe leithid fhèin ann an Griomasaigh, bidh Pàdruig a’ cluich còmhla ri Bríd Harper, neach-ciùil à Tìr Chonaill agus tè dhe na fìdhlearan Èireannach as fheàrr den ginealach aice. Dh’fhàs Megan Nic Fhionnghaile à Gaoth Dobhair suas air a cuartachadh le ceòl traidiseanta agus òrain na sgìre, agus mar fhìdhleir tha i air iomadh duais a chosnadh. Bidh Megan ag innse mu a beatha ann an ceòl, agus i air a dòigh glan gu bheil aon de na gaisgich chiùil aice, Phil Coineagan, a’ siubhal gu Beul Feirste gus cluich còmhla rithe.