Sreath ciùil ùr, Sruth, air aithris le Angela NicEachain agus a’ taisbeanadh an tàlant as fheàrr ’s as ùire ann an Èirinn agus Alba. Buinidh an seinneadair Niall Hanna do Chontae Thìr Eoghain. Thug a sheanair, Geordie Hanna, agus a phiuthar, Sarah Ann O’Neill, seinneadair traidiseanta ainmeil, buaidh air an t-seinn aig Niall. Bhuannaich Brìghde Chaimbeul à Alba Duais BBC Rèidio 2 Horizon Award ann an 2019, agus Duais BBC Rèidio 2 Tuath-cheòladair Òg na Bliadhna ann an 2016. Tha freumhan a ciùil ann an cànan is cultar na Gàidhlig, agus tha I air cliù a chosnadh ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal. Còmhla ris an tàlant ùr bho dhà thaobh Sruth na Maoile, bidh na h-aoighean ciùil, Julie Fowlis, Tiarnán Ó Duinnchinn, Caitlin NicAonghais, Len Graham agus an Dr. Aonghas Dòmhnallach.