San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. ‘Sa phrògram seo tha Iagan a’fàgail Drochaid Chinn Chàrdainn, is a’gabhail seachad air seann stèisean cumhachd Longannet. Siubhlaidh e tro sheann bhaile Chuilean Ros – agus innsidh Màiri Kidd dha càite bheil an aona uaigh air a bheil sgeul, aig tè a bha fo chasaid gu robh i ri buidseachd. Tadhlaidh e cuideachd air na sùirn aoil anns na carraigean aig Charlestown: cluinnidh e eachdraidh na h-obrach is feuchaidh e fhèin oirre aig Ionad Aoil na h-Alba.
San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. Sa phrògram seo chì Iagan na trì drochaidean mòrail thar Abhainn Foirthe faisg air, tadhlaidh e air Teàrmann Nàdair Carlingnose – is coisichidh e gu sgairteil tro Inbhir Chèitinn is Bàgh Dhealgadaidh, sìos tràigh gheal Obar Dhobhair, gu ruige Burntisland is Cathair Chaladainn. Agus ged a tha a’choiseachd fada, tha a’ghrian a’deàrrsadh agus tha leasan iomain a’feitheamh ris ann an Obar Dobhair.
San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. Sa phrògram seo tha Iagan a’tadhal air bailtean brèagha An Dìseart agus Uamhais an iar: gheibh e mach na tha ri ionnsachadh mun snaidheadh-cloiche a dh’fhàg na Cruithni ann an uamhannan Uamhais. Gabhaidh e null air Drochaid a Bhuinn-a-sia gu Lìobhann, is gabhaidh e timchioll Pàirc Silverburn sa bhaile sin. Nì e an gnothaich air Cuairt-chàbaill Ealaidh! Agus cluinnidh e mun Ghàidhlig ann am Fìobh, an-dè is an-diugh.
San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. Sa phrògram seo tadhlaidh Iagan air na puirt bheaga iasgaich is dual do Fìobh: Cille Mhaoininn, Peit na h-Uaimh, Anstruther, Cellardyke agus Caraile. Chì sinn an coisinn e fortan a’siubhal airson seudan – no fiù’s tochailtean; agus cò aig’ tha fios dè lorgas e ann an uamhannan Caiplie.
San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. Sa phrògram seo gheibh Iagan a-mach dè dh’fhàg an golf air a shnìomh cho dlùth ris an sgìre. Chì e Creag is Cuigeall eireachdail an cois na mara, is cluinnidh e mun phròiseact gus na coilleagan ath-stèidheachadh sa ghlèidheadh aig Tràigh Iar Chill Rìmhinn. Thig e faisg air drochaidean Tatha – agus mus ruig e a cheann-uidhe ann an Newburgh, fiaradh beag gu seann abaid Linn Dubhrais - agus an taigh-staile ùr.