San t-sreath seo air Cuairt Chladach Fìobha, tha Iagan MacNèill a’coiseachd cladach Fìobha, a’lorg eachdraidh, creag-eòlais, seallaidhean agus freumhaichean Gàidhlig eadar Drochaid Chinn Chàrdainn agus Newburgh. Tha ceud sa seachd-deug mìle coiseachd roimhe, tro làraich gnìomhachais sean is ùr, puirt iasgaich bhòidheach san Oisean an Ear, dachaigh a’ghoilf ann an Cill Rìmhinn, teàrmainn nàdair agus tràighean brèagha gu leòr. Sa phrògram seo gheibh Iagan a-mach dè dh’fhàg an golf air a shnìomh cho dlùth ris an sgìre. Chì e Creag is Cuigeall eireachdail an cois na mara, is cluinnidh e mun phròiseact gus na coilleagan ath-stèidheachadh sa ghlèidheadh aig Tràigh Iar Chill Rìmhinn. Thig e faisg air drochaidean Tatha – agus mus ruig e a cheann-uidhe ann an Newburgh, fiaradh beag gu seann abaid Linn Dubhrais - agus an taigh-staile ùr.