Home / Series / Julie Fowlis | Ceòl aig Baile / Aired Order / Season 1 / Episode 5

Episode 5

Tha an t-sreath ciùil Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile a’ gabhail àite aig àm a tha air leth iongantach nar n-eachdraidh. Le luchd-ciùil ag ionndrainn a bhith a’ cluich beò aig cuirmean, tha an t-sreath seo a’ toirt cothrom dhaibh a bhith a’ taisbeanadh ceòl is òrain bhon dachaighean fhèin. Togaidh Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile air a sin, le bhith a’ toirt cuireadh do luchd-ciùil à Alba, Èirinn, tìr-mòr na h-Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte ceangal a dhèanamh le luchd-leantainn tro thaisbeanaidhean innleachdail agus faireachail. Bidh iomadh taisbeanadh ciùil sònraichte anns an earrann seo, nam measg na h-òrain “Calum Sgàire” agus “Cànan nan Gàidheal” air an seinn le Karen Matheson le taic bho luchd-ciùil eadar-nàiseanta. Bidh Karen cuideachd a’ seinn òran traidiseanta à Galicia leis an luchd ciùil Xabier Diaz agus Guadi Galego. Le chruth innleachdail, bheir Julie Fowlis | Ceòl Aig Baile àrd-ùrlar ùr do shaoghal a chiùil.

Gàidhlig English
  • Originally Aired June 11, 2020
  • Runtime 30 minutes
  • Production Code m000jyfm
  • Network BBC ALBA
  • Created June 20, 2020 by
    Administrator admin
  • Modified June 20, 2020 by
    Administrator admin