Home / Series / Julie Fowlis | Ceòl aig Baile / Aired Order / Season 1 / Episode 1

Episode 1

Tha an t-sreath ciùil Julie Fowlis | Ceòl aig Baile a’ gabhail àite aig àm a tha air leth iongantach nar n-eachdraidh. Le luchd-ciùil ag ionndrainn a bhith a’ cluich beò aig cuirmean, tha an t-sreath seo a’ toirt cothrom dhaibh a bhith a’ taisbeanadh ceòl is òrain bhon dachaighean fhèin. Togaidh Julie Fowlis | Ceòl aig Baile air a sin, le bhith a’ toirt cuireadh do luchd-ciùil à Alba, Èirinn, tìr-mòr na h-Eòrpa, Canada agus na Stàitean Aonaichte ceangal a dhèanamh le luchd-leantainn tro thaisbeanaidhean innleachdail agus faireachail. Bheir gach prògram cothrom do dhithis luchd-ciùil taghadh is deasachadh a dhèanamh air sia pìosan ciùil. Eadar na pìosan sin bidh an luchd-ciùil a ’toirt iomradh air an àite anns am bheil iad, ag innse nan stòiridhean aca fhèin no a’ lìbhrigeadh fiosrachadh mun cheòl. Le chruth innleachdail, bheir Julie Fowlis | Ceol Aig Baile àrd-ùrlar ùr do shaoghal a chiùil.

Gàidhlig English
  • Originally Aired May 14, 2020
  • Runtime 30 minutes
  • Production Code m000j48m
  • Network BBC ALBA
  • Created June 20, 2020 by
    Administrator admin
  • Modified June 20, 2020 by
    Administrator admin