Prògram de cheòl traidiseanta air a lìbhigeadh le Julie Fowlis. Bidh ‘Ceòl aig Baile’ a’ tadhal air sgìrean ceòlmhor agus a’ toirt seann charaidean is caraidean ùra còmhla gus ceòl a chruthachadh agus a thaisbeanadh do chruinneachadh beag de luchd-èisteachd. Bidh cuid den luchd-ciùil thraidiseanta as cliùitiche le ceanglaichean ri Glaschu rim faicinn ann am prògram a chaidh a chlàradh aig ionad ‘Film City’ ann am Baile a’ Ghobhainn. Bidh òran air a’ sgrìobhadh le Tom Waits aig Findlay Napier is Heidi Talbot agus bidh an t-seinneadair Gàidhlig, Ellen NicDhòmhnaill, a’ seinn le taic bho Brian McAlpine is Fiona NicAsgail. Cuideachd, bidh an diths, Chris Stout agus Catrìona NicAoidh, a’ tighinn còmhla le co-obrachadh air am fidheall agus a’ chlàrsaich.