Prògram de cheòl traidiseanta air a lìbhigeadh le Julie Fowlis. Bidh ‘Ceòl aig Baile’ a’ tadhal air sgìrean ceòlmhor agus a’ toirt seann charaidean is caraidean ùra còmhla gus ceòl a chruthachadh agus a thaisbeanadh do chruinneachadh beag de luchd-èisteachd. Bidh cuid den luchd-ciùil thraidiseanta as cliùitiche le ceanglaichean ri Glaschu rim faicinn ann am prògram a chaidh a chlàradh aig ionad ‘Film City’ ann am Baile a’ Ghobhainn. Bidh taghadh de dh’òrain aig Findlay Napier is Heidi Talbot agus bidh na seinneadairean Gàidhlig Kim Carnie is Ellen NicDhòmhnaill a’ seinn còmhla airson a’ chiad uair, le taic bho Brian McAlpine is Fiona NicAsgail. Bidh puirt bheòthail am paillteas bho Mohsen Amini, Calum Stiùbhart, Jenn Butterworth, Chris Stout agus Catrìona NicAoidh, agus ann an Somerset bidh Cara Dillon is Sam Lakeman a’ cluich measgachadh de cheòl traidiseanta agus na h-òrain folk aca fhèin.