Niall Iain Macdonald presents highlights from Honeyblood's set at Belladrum Tartan Heart 2017. The Glasgow alt-rock duo feature Stina Tweeddale on vocals and guitar along with Cat Myers on drums. The band rocked their way onto the Garden Stage on the beautiful Belladrum Estate by Beauly on the second day of the festival and despite the rain they got a truly warm welcome from a delighted crowd.
Bheir Niall-Iain Dòmhnallach fàilte is furan dhuibh do shealladh air Fèis a' Chridhe Tartan Bhelladruim bho 2017. Anns a' phrògram-sa, chìthear Honeyblood, còmhlan roc eadar-roghnach à Ghlaschu a bha a' cluich air Àrd-làir Garden air an dàrna là den fhèis, agus ged gun robh an tìde rud beag fliuch, cha do chur sin stad air an luchd-ciùil no an luchd-èisteachd agus abair fàilte a fhuair Honeyblood!
Anns a' chòmhlan tha dà luchd-ciùil; Stina Tweeddale a tha seinn agus a' cluich giotàr còmhla ri Cat Myers air an druma. Tha an fhèis a ruith fad trì làithean agus abair rionnagan ciùil a bhitheas i tarraing! Bidh faisg air seachd mile deug neach a' tadhail oirre, ach ged a tha an fhèis a' fàs nas motha cha mhòr gach bliadhna, tha an luchd-amharc an còmhnaidh càirdeil agus beòthail.