Sgeulachd nighean òg aig am bheil miann a bhith air àrd-ùrlar.
Nuair a thig Jirka ‘s Brona a' chèilidh air Seanair tha iad a’ faicinn nach eil e idir gu math. Ged a tha na h-inbhich fìor iomagaineach mu dheidhinn, tha fios aig a chlann gun tèid aca air a chur air ais air a chasan a-rithist!
Ged a tha beàrn uabhasach eadar Sam ‘s Mal, tha botal annasach a leigeil leotha càirdeas sònraichte a chruthachadh, càirdeas a bhios na chuideachadh dhaibh ann an ùine.
Tha Saber agus Amir air techeadh bho poilis nan crìochan ‘s ged a tha iad airson iad fhèin a chumail am falach, tha an suidheachadh a toirt orra cuideachadh a lorg ‘s earbsa a chur ann an caraid ùr.
Nuair a gheibh Titch cothrom a mhiann iarraidh, tha e deimhinnte nach eil dad cho cudromach na bhith beagan nas àirde. Ge-tà, tha trioblaidean nas motha gus tighinn an aghaidh a bhalach beag.
Tha Emo gus na làithean-saora a chur seachad aig campa-snàmh! Ge-tà, chan eil cùisean cho spòrsail dha ‘s balaich nas sine na e ri burraidheachd. Ach, ‘s ann a tha beagan draoidheachd gus cùisean atharrachadh dha.
Tha eagal uabhasach aig Miko ro sòmbaidhean 's chan eil Steve, a bhràthair, a cuideachadh cùisean! Ge-tà, nuair a thig Miko agus Steve an aghaidh trom-laighe nan sòmbaidhean, 's e Miko a dh'fheumas a bhith dàna.